Save this page

Mar deidhinn

A’ phàirt aig SFC ann an àm ri teachd na h-Alba

Tha Comhairle Maoineachaidh na h-Alba (SFC) a’ cuideachadh gus Alba a dhèanamh na h-àite as fheàrr air an t-saoghal airson a bhith ag oideachadh, a’ rannsachadh agus ag ùr-ghnàthachadh. Le mu £1.5 billean de dh’airgead poblach ga thasgadh gach bliadhna, tha maoineachadh SFC a’ toirt comas do cholaistean is oilthighean na h-Alba air cothroman a thabhann do chòrr is leth-mhillean neach a bheir atharrachadh air am beatha.

About Us

Le ar cuid taic do rannsachadh nan oilthighean, tha e an comas do gach aon de na 19 oilthighean an Alba sàr-obair rannsachaidh a dhèanamh. Tha an £120 millean a thaisg sinn gus ionadan ùr-ghnàthachais a chruthachadh ag adhbharachadh rudan àrd-inntinneach eadar rannsachadh gnìomhachais is nan oilthighean. Tha ar cuid obair gus cothroman a leudachadh a’ tarraing cholaistean is oilthighean còmhla ann an dòighean ùra agus a’ solar dhaoine le barrachd shlighean a steach do dh’ionnsachadh is sgilean.

Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh mu ar rùintean airson foghlaim is ùr-ghnàthachais an Alba sa phlana roi-innleachdail [PDF] againn.

english

Share this page