Save this page

A’ Ghàidhlig

Tha SFC rùnaichte taic a chumail ris a’ Ghàidhlig agus a leasachadh. Mar bhuidheann phoblach mhòr nàiseanta an Alba, tha e nar comas cur gu tarbhach ri ionnsachadh agus rannsachadh na Gàidhlig ann an colaistean ’s oilthighean na h-Alba.

About Us

Tha sinn air dealas mòr a nochdadh don Ghàidhlig mar-thà sna beagan bhliadhnaichean seo a dh’fhalbh leis an taic-airgid a chuir sinn a-steach do raointean leithid foghlaim Ghàidhlig agus trèanadh luchd-teagaisg.

Chaidh gabhail ri Plana Gàidhlig an SFC le Bòrd na Gàidhlig agus tha e a’ mìneachadh ciamar a chuidicheas sinn gus àm teachdail tèarainte a dhaingneachadh airson na Gàidhlig ann an Alba leis an obair againn còmhla ri colaistean ’s oilthighean, agus, mar a bhios sinn a’ cleachdadh na Gàidhlig nar n-aithne chorporra agus sa bhuidheann fhèin.

Tha sinn a’ cur fàilte air co-sgrìobhadh Gàidhlig agus nì sinn ar dìcheall freagairt innte, le bhith a’ toirt fios-freagairt an ceann 20 latha cosnaidh.

Taic ro-innleachdail airson foghlaim Ghàidhlig ann an raointean foghlam adhartach ’s àrd-ìre na h-Alba

Sa Chèitean 2008, dh’fhoillsich SFC cuairt-litir SFC/25/2008: Taic airson foghlaim Ghàidhlig aig àrd-ìre ’s aig ìre adhartach ann an Alba [air Tasglann SFC] a thug fios mun taic-airgid ro-innleachdail a bha gu bhith ann airson cothroman foghlam na Gàidhlig aig àrd-ìre ’s aig ìre adhartach.

Bho chionn ghoirid, dhearbh SFC gu bheil i an dùil fhathast ionmhas a chur ri fhaighinn airson nan adhbharan seo rè Plana Nàiseanta Gàidhlig a th’ ann an-dràsta. Gu ruige seo agus a rèir an iarrtais a th’ air a bhith ann airson an ionmhais sin ’s airson nan goireasan a tha rim faighinn, tha am buidseat air a shuidheachadh aig £200,000 sa bhliadhna an-dràsta, thar an dà raon.

Airson tuilleadh fiosrachaidh faic an litir gu prionnsabalan a thaobh Taic ro-innleachdail airson foghlaim Ghàidhlig ann an raointean foghlam àrd-ìre ’s adhartach na h-Alba [air Tasglann SFC].

Gnìomhachd Ghàidhlig air a maoineachadh le SFC

Ceanglaichean eile

Mu dheidhinn SFC

 

englishSFC logo in Gaelic

Share this page