This website has an optional login for website subscribers below. To customise the web content and receive email updates, register here.

About the Council
Save this page

Gearanan an aghaidh na Comhairle

Tha a' Chomhairle dealasach a chùm a bhith na buidhinn fosgailte agus follaiseach a tha ag obair chun inbhe as àirde de rianachd is stiùireadh san roinn phoblaich. Ach a dh'aindeoin sin, tha sinn ag aithneachadh gum bi cùisean a' dol ceàrr uaireannan.

Ma tha sibh mì-riaraichte le ar dèanadas, tha sinn airson cothrom a thoirt dhuibh an cuspair a thogail leinn. Nì sinn ar dìcheall freagairt a thoirt dhuibh mu ur draghan agus - ma tha sinn air mearachd a dhèanamh - cùisean a chur ceart agus leasan ionnsachadh bhuaithe.

Ma tha sibh mì-riaraichte le gnothach sam bith a thaobh dèanadas no dòigh-obrach na Comhairle, dh'fhaodar bruidhinn an toiseach mun chùis gu neo-fhoirmeil, ris an Oifigear againn airson Dìon Fiosrachaidh agus Cothrom a bheachdaicheas a bheil e comasach an suidheachadh a rèiteachadh gu ur miann gun ghearan foirmeil a thogail. Tha fiosrachadh gu
h-ìosal mun dòigh anns am faod sibh fios a chur chun Oifigear Dìon Fiosrachaidh agus Cothrom againn.

Oifigear Dìon Fiosrachaidh agus Cothrom
Comhairle Maoineachaidh na h-Alba
Taigh Donaldson
97 Barraid Haymarket
Dùn Èideann
EH12 5HD

Ma thig sibh chun cho-dhunadh gearan foirmeil a dhèanamh, gheibh sibh lethbhreac de mhodh gearan na Comhairle an seo.