Register with us to view a personalised homepage and to receive emails relating to your interests.

Save this page

Là Eòrpach nan Cànan 2018

European Day of Languages 2018

26 Sep 2018

Is e an-diugh Là Eòrpach nan Cànan 2018. Air a chumail le Comhairle na h-Eòrpa bho 2001, tha Là Eòrpach nan Cànan a’ comharrachadh ioma-chànanachas (comas air còrr is aon chànan a bhruidhinn), iomadachd chultarach agus ionnsachadh fad-bheatha nan cànan anns an sgoil agus às a dèidh.

Thuirt an iar-stiùiriche airson rannsachaidh agus ùr-ghnàthachais, Mòrag Chaimbeul, gu bheil: “comas ann an cànain, nam measg sin, Gàidhlig is Albais is Cainnt-shanais Bhreatainn (BSL), a’ ceangal Alba ri a dùthchas, a nàbaidhean agus ris an t-saoghal mhòr.”

“Ge be dè an aois, tha ionnsachadh nan cànan cuideachail seallaidhean eug-samhail fhaighinn air an t-saoghal. Tha oilthighean is colaistean na h-Alba a’ tabhann iomadh roghainn eadar-dhealaichte gus eòlas a chur air cànain, eadar ´s gur e ceuman-oilthighe speisealach, cùrsaichean oidhche, no cùrsaichean an-asgaidh air-loidhne a th’ annta.”

“Bho ghairm na Dùthchannan Aonaichte gur e 2019 Bliadhna Eadar-nàiseanta nan Cànan Dùthchasail, cha robh àm na b’ fheàrr do dhaoine na th’ ann an-dràsta eòlas as ùr a chur air na cànain sa chùl-chinn againn fhìn, leithid Gàidhlig is Albais, agus ionnsachadh mun bhuaidh mhòr chultarach a thug iad air Alba na linn sa.”

Goireasan cànain

english  scots