SFC news published since 2018. See SFC archived content for earlier news articles.

Tha Faclair na Gàidhlig ag amas gus eachdraidh, leasachadh agus cleachdadh a chlàradh airson a h-uile facal sa chànan.  Nuair a chuirear crìoch air, bidh e na ghoireas dhan Ghàidhlig a tha co-ionnan ri na goireasan ioma-leabhair a tha rim faighinn airson Albais agus Beurla.

Ged a chaidh faclairean eile a chuir ri cheile san eadar-àm, bidh oileanaich agus luchd-labhairt na Gàidhlig tric a’ cur an earbsa ann am Faclair Gàidhlig-Beurla le Dealbhan a dh’fhoillsich Eideard Dwelly eadar 1901-1911. Tha eòlaichean air feadh na dùthcha air tighinn còmhla gus am faclair ùr a leasachadh, tro cho-obrachadh air leth adhartach eadar oilthighean Obar Dheathain, Dùn Èideann, Glaschu, Srath Chluaidh agus Sabhal Mòr Ostaig, an Ionad Nàiseanta airson Cànan is Cultar na Gàidhlig.  Tha Bòrd na Gàidhlig, am buidheann poblach le dleastanas airson na Gàidhlig, cuideachd air taic cunbhalach a thoirt dhan phròiseact.

Thuirt John Kemp, Ceannard Eadar-àmail aig Comhairle Maoineachaidh na h-Alba: “Thèid buaidh an fhaclair ùr seo gu math nas fhaide na an cànan a-mhàin, gu cultar agus dualchas na Gàidhlig.  Brosnaichidh e fàs agus meudachadh ann am foghlam Gàidhlig airson gach aois agus aig gach ìre.  A bharrachd air feum soilleir do luchd-labhairt agus oileanaich an latha an-diugh, seasaidh Faclair na Gàidhlig mar ghoireas chudromach do dh’iomadh ginealach ri thighinn.”

english version

SFC logo in Gaelic

Share: