SFC news published since 2018. See SFC archived content for earlier news articles.
Is e an-diugh Là Eòrpach nan Cànan 2018. Air a chumail le Comhairle na h-Eòrpa bho 2001, tha Là Eòrpach nan Cànan a’ comharrachadh ioma-chànanachas (comas
air còrr is aon chànan a bhruidhinn), iomadachd chultarach agus ionnsachadh fad-bheatha nan cànan anns an sgoil agus às a dèidh.
Thuirt an iar-stiùiriche airson rannsachaidh agus ùr-ghnàthachais, Mòrag Chaimbeul, gu bheil: “comas ann an cànain, nam measg sin, Gàidhlig is Albais is
Cainnt-shanais Bhreatainn (BSL), a’ ceangal Alba ri a dùthchas, a nàbaidhean agus ris an t-saoghal mhòr.”
“Ge be dè an aois, tha ionnsachadh nan cànan cuideachail seallaidhean eug-samhail fhaighinn air an t-saoghal. Tha oilthighean is colaistean na h-Alba a’
tabhann iomadh roghainn eadar-dhealaichte gus
eòlas a chur air cànain, eadar ´s gur e ceuman-oilthighe speisealach, cùrsaichean oidhche, no cùrsaichean an-asgaidh air-loidhne a th’ annta.”
“Bho ghairm na Dùthchannan Aonaichte gur e 2019 Bliadhna Eadar-nàiseanta nan Cànan Dùthchasail, cha
robh àm na b’ fheàrr do dhaoine na th’ ann an-dràsta eòlas as ùr a chur air na cànain sa chùl-chinn againn fhìn, leithid Gàidhlig is Albais, agus ionnsachadh
mun bhuaidh mhòr chultarach a thug iad air Alba na linn sa.”
Goireasan cànain
- Cùrsaichean cànain aig colaistean is oilthighean
na h-Alba. - Goireasan na Gàidhlig: www.sfc.ac.uk/about-sfc/gaelic/gaelic-
language.aspx | https://learngaelic.scot/index.jsp. - Goireasan na h-Albaise.
- Goireasan Cainnt-shanais Bhreatainn (BLS): www.deafaction.org.uk/ | https://www.british-sign.co.uk/.
- 21 fìrinn cànain aig Comhairle na h-Eòrpa.
- Gnothaichean dà-chànanachais (Bilingualism Matters).