SFC news published since 2018. See SFC archived content for earlier news articles.
Tha Comhairle Maoineachaidh na h-Alba (SFC) air a rùn airson taic a chumail ri cànan is cultar soirbheachail na Gàidhlig ath-ùrachadh.
Chaidh an treas eagran de Phlana Gàidhlig SFC fhoillseachadh an-diugh le cuideam air cothroman gus Gàidhlig ionnsachadh ’s a chleachdadh taobh a-staigh colaistean is oilthighean na h-Alba. Le conaltradh coimhearsnachdail, sgaoilidh a’ bhuaidh bhon obair seo thar roinn foghlam nan oilthighean agus bheir i buannachd leis do choimhearsnachdan, àitean-obrach is àrainneachdan ionnsachaidh eile.
Ann an co-bhann ri Sgilean Leasachaidh Alba, rannsaichidh SFC an t-iarrtas airson sgilean Gàidhlig, mar eisimpleir ann an raon nan seirbheisean sòisealta is cùram slàinte, gus freagairtean a dheasachadh dha seo.
Mar thoradh air planaichean roimhe, tha SFC a’ cur a taic ri clàradh sgrìobhte de dh’eachdraidh is cleachdadh gach facail Ghàidhlig a th’ ann ’s a bh’ ann. Nuair a bhios Faclair na Gàidhlig ullamh, bidh e na làn-ghoireas iom-leabhair a chuireas connadh ri fàs is leudachadh foghlam na Gàidhlig aig gach aois is ìre.
Thuirt Karen Watt, Àrd-oifigear airson Comhairle Maoineachaidh na h-Alba:
“Tha ar Plana Gàidhlig ùr ag aithneachadh an luach aig iomadachd cànain na h-Alba airson a bhith a’ togail dhàimhean ’s a’ meudachadh ar cor-beatha. Nuair a chuireas sinn am plana seo an gnìomh, bidh ar pàirt fhèin cudromach mar thaic do Ghàidhlig soirbheachadh sa h-uile coimhearsnachd aice.”
Tha am Plana Gàidhlig 2022-27 aig SFC ri fhaighinn an-dràsta air làrach-lìn SFC.