SFC news published since 2018. See SFC archived content for earlier news articles.

Photo: Sabhal Mòr Ostaig
Dè tha a’ stèidheachadh cànan ann an eachdraidh?
Tha faclair nàiseanta eachdraidheil na Gàidhlig, Faclair na Gàidhlig, air aon de na freagairtean as cudromaiche airson a’ chànain. Chaidh am faclair a dhealbhadh a rèir nan aon phrionnsapalan eachdraidheil ’s a chaidh Oxford English Dictionary agus Dictionary of the Older Scottish Tongue. Tha am Faclair a’ cruthachadh clàr ùghdarrasail stèidhichte air fianais agus air cleachdadh na Gàidhlig thar nan linntean.
Tha am pròiseact an eisimeil bun-structar cànanach fad-ùineach
’S e com-pàirteachas a th’ ann am Faclair na Gàidhlig (FnaG), air a stiùireadh le Ionad Nàiseanta Cànan is Cultar na Gàidhlig, Sabhal Mòr Ostaig, ann an com-pàirteachas le Oilthighean Obar Dheathain, Dhùn Èideann, Ghlaschu is Shrath Chluaidh. Thòisich am Faclair air susbaint fhoillseachadh air loidhne ann an 2023. Tha an t-susbaint seo ri faighinn an asgaidh aig www.faclair.ac.uk.
Bho Chòmhradh gu Pròiseact Nàiseanta
Chaidh am pròiseact a stèidheachadh ann an 2003 a’ leantainn air còmhraidhean eadar an t-Ollamh Tormod MacGillÌosa, a bha na Stiùiriche aig Sabhal Mòr Ostaig aig an àm, agus Lorna Pike, aig Dictionary of the Older Scottish Tongue. Chaidh Comataidh Ro-innleachd a chur air bhonn agus chaidh Lorna Pike fhastadh na Stiùiriche Faclaireachd an dèidh làimh is bha i a’ stiùireadh leasachadh an Fhaclair fad fichead bliadhna.
Chaidh prìomh eòlaichean an sàs anns an iomairt, nam measg, an t-Ollamh Dòmhnall Meek (Oilthigh Dhùn Èideann), a bha an sàs roimhe ann am Faclair Eachdraidheil na Gàidhlig, agus an t-Ollamh Uilleam MacGillÌosa. Stèidhich iad le chèile bun-stèidh innleachdail is mhodh-eòlach an fhaclair, a chuirte ri chèile a rèir phrionnsapalan dian eachdraidheil. Chaidh ath-sgrùdadh farsaing de na faclairean Gàidhlig maireann a chumail le taic-mhaoineachaidh Bhòrd na Gàidhlig is Urras Leverhulme. Chaidh a’ bhun-stèidh dheasachaidh is theacsail a chur air bhonn aig an ìre seo.
Chunnacas leasachadh mòr san iomairt nuair a chaidh an tasglann dhidseatach, Dachaigh airson Stòras na Gàidhlig (DASG), a stèidheachadh is e air a stiùireadh leis an Ollamh Roibeard Ó Maolalaigh aig Oilthigh Ghlaschu. Tha mu 40 millean facal taisgte a-nise ann an Corpas na Gàidhlig a tha mar bhun-stèidh airson na fianais an cois inntridhean an Fhaclair. Tha h-uile tuairisgeul mìneachaidh bonntaichte air cleachdadh eachdraidheil ann an làmh-sgrìobhainnean, litreachas is tùsan clàraichte eile.
A’ Togail Bun-structar Didseatach
Leig maoineachadh seasmhach bho Chomhairle Mhaoineachaidh na h-Alba is Bòrd na Gàidhlig bho 2009 air adhart leis a’ phròiseact a chomasan teicnigeach a leasachadh. Chaidh Leasaiche Shiostaman is Luchd-taic Corpais fhastadh airson an corpas a thogail is a lìonadh. Chaidh luchd-obrach fo thrèanadh ann am faclaireachd is deasachadh fhastadh bho 2018 air adhart.
Chaidh Meanmna a chruthachadh anns na beagan bhliadhnachan a chaidh seachad mar thoradh air co-obrachadh dlùth eadar deasaichean agus an Stiùiriche Shiostaman. ’S e siostam sgrìobhadh is trusadh faclair a tha seo stèidhichte gu sònraichte air na feuman an lùib faclaireachd eachdraidheil na Gàidhlig. Bidh an luchd-deasachaidh a’ tòiseachadh air Meanmna a chleachdadh gu h-iomlan bhon Mhàrt 2026.
Chan eil Faclair na Gàidhlig uair sam bith na thàmh is e na ghoireas didseatach. ’S urrainnear inntridhean ath-sgrùdadh, a leudachadh is ùrachadh mar a leanas an sgoilearachd. Chaidh 52 inntridhean fhoillseachadh gu ruige seo agus inntridhean eile ga chur ris gu cunbhalach. Chaidh an làrach-lìn fhoillseachadh gu h-oifigeil ann an 2023 agus am Faclair an uair sin a’ comharrachadh fichead bliadhna de dh’obair leantainneach.
Carson a tha e cudromach?
Tha adhbhar eadar-dhealaichte an cois fhaclairean eachdraidheil seach faclairean ùr-nodha. Bidh iad a’ clàradh leasachadh fhaclan thar linntean – a’ chiad turas a chaidh an cur an cèill, atharrachadh ann an ciall nam faclan, cleachdadh a rèir sgìre is cleachdadh san litreachas. Tha iad nam bun-stèidh le fianais airson rannsachadh acadaimigeach, eadar-theangachadh, craoladh, foillseachadh is foghlam. A thaobh poileasaidh, tha iad nam pàirt den bhun-structar innleachdail a tha na bhun-stèidh air an tèid dealbhadh cànain a thogail.
Tha inbhe is leasachadh na Gàidhlig aig teis-meadhan poileasaidh cànain na h-Alba a rèir Achd nan Cànanan Albannach 2025. Tha Faclair na Gàidhlig a’ neartachadh an fhrèam sin is e a’ dearbhadh gu bheil a’ Ghàidhlig air a clàradh a rèir nan ìrean sgoileireil as àirde agus gu bheil am Faclair ri fhaighinn an asgaidh air feadh an t-saoghail.
Tha am Faclair a’ sealltainn cuideachd gun urrainn sgoilearachd ann am mion-chànan a bhith air thoiseach a thaobh innleachdas didseatach. Tha leasachadh Meanmna a’ sealltainn mar as urrainn fuasglaidhean teicnigeach sònraichte taic a chumail ri leasachadh cànanach toinnte agus a bhith nam modal airson phròiseactan faclaireachd san àm ri teachd.
Tha gealltanas fad-ùineach an lùib Fhaclair na Gàidhlig a chithear sa chom-pàirteachas eadar ionadan, sa mhaoineachadh phoblach leantainneach agus san eòlas shònraichte a chaidh a thogail thar nan deicheadan de bhliadhnachan. Tha Gàidhlig na h-Alba a-nise, ri linn Fhaclair na Gàidhlig, ri faicinn am measg tradaisean nam faclairean eachdraidheil mòra san Roinn Eòrpa.
Tha an tuilleadh fiosrachaidh ri fhaighinn aig www.faclair.ac.uk.
Sharon Pearson, Manaidsear Ionad