SFC news published since 2018. See SFC archived content for earlier news articles.

Cunntas le Ritchie Somerville agus Gemma Cassells mu ciamar a chuidich maoineachadh SFC le Oilthigh Dhùn Èideann a bhith a’ brosnachadh ùr-ghnàthachas airson ath-shlànachadh roinneil mar fhreagairt don ghalar mhòr-sgaoilte.

Banner image for A’ cumail taic ri rannsachadh agus ùr-ghnàthachas ri linn COVID

Ritchie Somerville / Gemma CassellsMa bheir thu d’ inntinn air ais gu deireadh an earraich 2020, bha a’ chiad ghlasadh ri linn sgaoileadh a’ Choròna-bhìorais air tighinn gu crìoch, agus cha robh daoine sa chumantas cinnteach dè a’ bhuil luath is mhaireannach a bhiodh ann. An dèidh trì mìosan de dh’fhèin-aonrachadh, obair is foghlam on taigh, cha robh e idir soilleir dè bha gu bhith romhainn anns a’ chòrr dhen bhliadhna.

Dh’aithnich Riaghaltas na h-Alba agus Comhairle Maoineachaidh na h-Alba na dùbhlain mu choinneamh roinn nan oilthighean ’s a’ mhòr-shluaigh ri linn a’ ghalair mhòr-sgaoilte, agus mar sin, chaidh airgead maoineachaidh a thabhann tro “Additional research funding for universities 2020-21” gus sàr-rannsachadh a dhìon agus mar chobhair do dh’ionadan-foghlaim airson a bhith a’ cumail ris na planaichean fàd-ùineach aca. Am measg nan amasan eile, chaidh cuideam a leigeil air rannsachadh a bhiodh cuideachail airson strì ris a’ ghalar mhòr-sgaoilte agus a chumadh taic ri ath-shlànachadh sòisealta is eaconamach.

Mar phàirt dhen fhreagairt aig Oilthigh Dhùn Èideann dha seo, dh’innlich sgioba Ùr-ghnàthachas fo stiùir data (DDI) am Prògram BEACON san do shuidhich iad trì raointean dùbhlain. B’ iad seo, ath-shlànachadh is fàs tro thionnsgalachd; gnàth-shìde, biadh is seasmhachd; agus ag ath-thogail nas fheàrr tron ghairm fhosgailte airson rannsachaidh.

Bha a’ ghairm fhosgailte airson rannsachaidh a’ bualadh gu sònraichte air ceann an ear-dheas na h-Alba agus bha i gu math feumail airson sealladh fhaighinn air an deagh-bhuaidh a fhuaras às an dòigh-obrach seo a thaobh nan toraidhean a bha SFC ag iarraidh, ach cuideachd a thaobh a bhith a’ cruthachadh chaidreachasan is buaidhean ùra aig ìre roinneil is nàiseanta.

Leig a’ ghairm fhosgailte airson rannsachaidh cuideam air molaidhean a bha a’ coileanadh sia slatan-tomhais, ann an co-rèite leis na cùmhnantan eadar SFC is an t-Oilthigh airson a’ mhaoineachaidh aige.

Nam measg seo, dh’fheumte cosnaidhean a bhith gan cruthachadh no gan dìon aig Oilthigh Dhùn Èideann no san roinn bhailteach; dh’fheumte a bhith fo stiùir dàta agus aire a thoirt dhan roinn air fad. Cuideachd, bha aig pròiseactan ri bhith beusanta is cunntasach nan deòin is nan gnìomhan, agus suidhichte a-rèir amasan nas fharsainge prògram DDI.

Chaidh suimean measgte de £10,000, £20,000 is £50,000 a thabhann, le cuideam air airgead “curachd” do phròiseactan san Oilthigh air fad gus cothroman air eòlas-dàta a chruthachadh feadh na roinne, agus cothroman rannsachaidh a phiobrachadh san àm ri teachd.

Chaidh ionmhas a riarachadh le dà ghairm airson phròiseactan, eadar Samhain 2020 is Faoilleach 2021, agus uile-gu-lèir, fhuair 21 pròiseact airgead maoineachaidh, nam measg, “Leveraging Data Driven Innovation to Support Expected Surge in People Experiencing Homelessness in Edinburgh due to COVID-19” agus “The Show Must Go On!” Examining the Impact and Recovery from COVID-19 in the Performance Arts.’

Rinn aon de na pròiseactan, ‘Unlocking Gaelic sound: Increasing digital footfall in Edinburgh’s archives through novel language technologies’ gum b’ urrainn don Oilthigh freagairt a thoirt do na dùbhlain bhon ghalar mhòr-sgaoilte agus cothroman ùra a thogail do luchd-rannsachaidh. Air a stiùireadh le Dr Uilleam Lamb, chaidh am pròiseact seo, ann an co-bhann ri Leabharlann Nàiseanta na h-Alba is càch, gus a’ chiad bhathar-bog san t-saoghal as urrainn èisteachd ri Gàidhlig mar a tha i ga bruidhinn agus tar-sgrìobhadh a dhèanamh. Ghlèidh am pròiseact dà dhreuchd do dhithis luchd-rannsachaidh for-cheum a bha aig ceann nan cùmhnantan suidhichte aca. Tha an sgioba rannsachaidh an dòchas gun tèid aca air an teicneòlas ùrachadh gus am freagair e le briathran-beòil a bharrachd air a bhith a’ clò-bhualadh na tha e a’ cluinntinn – dìreach coltach ris na cuidichean-gutha Siri, Alexa no Google. Tha an tuilleadh obrach seo air maoineachadh £460,000 fhaighinn o Chomhairle Rannsachadh nan Ealan ’s nan Daonnachdan (AHRC) gus an teicneòlas a leasachadh, agus ùidh ann o chompanaidhean leithid a’ BhBC is Duolingo.

Tha Ritchie Somerville na Cheannard Roi-innleachd air iomairt Ùr-ghnàthachais fo stiùir dàta, Còrdadh Roinn Bhailteach Oilthigh Dhùn Èideann/ Dhùn Èideann & Ceann an Ear-Dheas na h-Alba.

Thoiribh sùil air ddi.ac.uk.

english

Share: