SFC news published since 2018. See SFC archived content for earlier news articles.
Ann an Seachdain na Gàidhlig, bu toigh leinn meòrachadh air a’ bhuaidh a thug maoineachadh SFC air Gàidhlig, agus gu h-àraidh air Prògram Bogaidh na Gàidhlig aig Oilthigh Ghlaschu.
Aig ceann na bliadhna an-uiridh, fhuaras dearbhadh gun rachadh bliadhna bhogaidh phìleatach na Gàidhlig aig Oilthigh Ghlaschu a dhèanamh maireannach le gealltanas a thaobh taic-airgid san fhad-ùine bho Cholaiste nan Ealan is Daonnachd aig Oilthigh Ghlaschu.
An toiseach, chaidh Prògram Bogaidh na Gàidhlig a thairgsinn do dh’oileanaich mar phròiseact pìleatach le taic-airgid bho Chomhairle Maoineachaidh na h-Alba.
Shoirbhich leis a’ phrògram seo gu mòr oir tha na h-oileanaich aige air leantainn orra gu cosnadh ann am foghlam, stiùireadh, rianachd agus ealain chruthachail na Gàidhlig. Tha SFC rùnaichte air taic agus leasachadh a chumail ris a’ Ghàidhlig, agus mar mhòr-bhuidheann poblach nàiseanta ann an Alba, tha comas againn air tabhartas brìgheil a chur ri ionnsachadh is rannsachadh na Gàidhlig ann an colaistean is oilthighean na h-Alba.
Thuirt Gillebrìde MacIlleMhaoil, a tha na Àrd-òraidiche aig Roinn na Ceiltis is Gàidhlig agus na Phrìomh-Rannsaiche air ìre phìleatach Prògram Bogaidh na Gàidhlig:
“Is e ceum fìor chudromach a th’ ann am Prògram Bogaidh na Gàidhlig aig Oilthigh Ghlaschu airson lìbhrigeadh na Gàidhlig ann an Alba. Faodaidh oileanaich Ghlaschu a bhith ag ionnsachadh Gàidhlig le dòighean bogaidh a-nis. Tha an cùrsa a’ toirt chothroman airson ghreisean gnìomhachais aig buidhnean is sgoiltean Gàidhlig. ’S e rud prìseil a th’ ann gun do rinn an cùrsa ceanglaichean ri Ceòlas Uibhist agus gu bheil cothrom aig na h-oileanaich againn trì seachdainean a chur seachad ann an Uibhist air am bogadh sa Ghàidhlig mar phàirt de an cuid oideachaidh.
“Cha bhiodh am prògram seo air soirbheachadh mur b’ e an taic-airgid trì-bliadhna a thug Comhairle Maoineachaidh na h-Alba don ìre phìleatach aig toiseach gnothaich. Bho chionn goirid, dh’fhoillsich Colaiste nan Ealan is Daonnachd aig Oilthigh Ghlaschu gun deach taic-airgid a dhearbhadh airson Prògram Bogaidh na Gàidhlig san fhad-ùine, rud a tha a’ stèidheachadh a’ phrògraim mar phàirt dhaingeann den iomadh cuspair a th’ air a thabhann le Roinn na Ceiltis is Gàidhlig.”